2 Eachdraidh 12:5Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic. Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.