Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.

Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan-sa?

Agus thàrladh ann an ceathramh-bliadhna-deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.

Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.

Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.

(A‑nis b’i an leth a bhuineadh don cho-chruinneachadh, trì cheud mìle agus seachd-mìle-deug ar fhichead agus còig ceud caora,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan