Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì-fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà‑fhichead mìle marcaiche; agus bhuail e Sobach, ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin.

Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.

Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich.

Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.

Agus thàinig a‑mach nan aghaidh Serah an t‑Etiopach le armailt mìle de mhìltean, agus trì cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah.

Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc-shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad.

Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig; Etiopia agus Sèba air do shon.

Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh.

Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg.

B’e Etiopia agus an Èiphit a neart, agus bha sin anabarrach: b’iad Put agus Lubim a luchd-cuideachaidh.

Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc-shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh.

Agus chruinnich Sisera ri chèile a charbadan uile, eadhon naoi ceud carbad iarainn, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Hasoret nan cinneach, gu sruth Chisoin.

Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh.

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan