Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Abiah a mhac na àite.
Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san,
Agus na dèidh-se ghabh e Maachah, nighean Absaloim, a rug dha Abiah, agus Atai, agus Sisa, agus Selomit.
A‑nis anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìgh Ierobòam, thòisich Abiah air rìoghachadh os cionn Iùdah.
Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,