Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math.
Mas e is gu bheil lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth-cheud ionracan a tha ann?
Agus nì Israel uile caoidh air a shon, agus adhlaicidh iad e: oir thèid esan a‑mhàin o Ierobòam a dh’ionnsaigh na h‑uaighe; a chionn gun d’fhuaireadh ann nì math a‑thaobh an Tighearna, Dia Israeil, ann an taigh Ierobòaim.
Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, thàinig am freiceadan agus thog iad iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.