2 Eachdraidh 12:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris. Faic an caibideil |
Agus rìghich Rehobòam mac Sholaimh ann an Iùdah. Bha Rehobòam bliadhna agus dà‑fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna à uile threubhan Israeil, a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban-Amonach.
Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.