Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thog e eadhon Betlehem, agus Etam, agus Tecòa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem.

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus thàinig iad seo o athair Etaim: Iesreel, agus Isma, agus Idbas: agus b’e ainm am peathar Haselelponi.

Etam mar an ceudna, agus Ain, Rimon, agus Tochen, agus Asan, còig bailtean mòra;

Agus ghabh Rehobòam còmhnaidh ann an Ierusalem, agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah:

Agus Bet-sur, agus Socho, agus Adullam,

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Nan dèidh-san chàraich na Tecòaich an t‑ath-thomhas, fa chomhair an tùir mhòir a tha a’ dol a‑mach, gu ruig balla Opheil.

Agus làimh riùsan chàraich na Tecòaich: ach cha do chuir an àrd-uaislean am muineal ri seirbhis an Tighearna.

Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.

Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.

Agus bhuail e iad muin air mhuin le àr mòr: agus chaidh e sìos agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh carraig Etaim.

A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan