Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.
An sin thug Asa an rìgh leis Iùdah uile; agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an robh Baasa a’ togail; agus thog e leo Geba, agus Mispah.
Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair.
Agus thug an athair dhaibh iomadh tìodhlac airgid agus òir, agus nithean luachmhor, maille ri bailtean daingnichte ann an Iùdah: ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gum b’e an ciad-ghin e.
Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.
Nuair a chog feachd rìgh Bhàbiloin an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh uile bhailtean Iùdah a bha air am fàgail, an aghaidh Lacheis, agus an aghaidh Asecah: oir mhair iad seo de bhailtean Iùdah nam bailtean daingnichte.