Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tèid sibh suas, agus cha chog sibh ri ur bràithrean: tillibh, gach fear a dh’ionnsaigh a thaighe; oir leamsa rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri briathran an Tighearna, agus thill iad o dhol an aghaidh Ierobòaim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean-sa agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithrean sinn.

Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.

An sin ghlaodh Abner ri Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? Nach eil fhios agad gum bi searbhas ann fa dheireadh? Cia fhad a bhios e, matà, mun abair thu ris an t‑sluagh tilleadh o leantainn am bràithrean?

Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin.

Labhair ri Rehobòam, mac Sholaimh, rìgh Iùdah, agus ri Israel uile ann an Iùdah agus ann am Beniàmin, ag ràdh,

Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorraidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn.

Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad.

Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?

Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.

Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan