Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.
Gus an là‑an‑diugh tha iad a’ dèanamh a rèir nan ciad ghnàth: chan eil eagal an Tighearna orra, cha mhò a tha iad a’ dèanamh a rèir an reachdan, no a rèir an òrdaighean, no a rèir an lagha, no a rèir na h‑àithne a dh’àithn an Tighearna do chloinn Iàcoib, air an tug e Israel mar ainm;
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tèid sibh suas, agus cha chog sibh ri ur bràithrean: tillibh, gach fear a dh’ionnsaigh a thaighe; oir leamsa rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri briathran an Tighearna, agus thill iad o dhol an aghaidh Ierobòaim.
Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.
Air mo thimcheall-ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach;