Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 11:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dèidh-se ghabh e Maachah, nighean Absaloim, a rug dha Abiah, agus Atai, agus Sisa, agus Selomit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus rug ise dha clann; Ieus, agus Semariah, agus Saham.

Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd-mnathan-deug, agus trì-fichead coileabach, agus ghin e ochd-mic-fhichead, agus trì-fichead nighean.

Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Abiah a mhac na àite.

A‑nis anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìgh Ierobòam, thòisich Abiah air rìoghachadh os cionn Iùdah.

Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Urieil o Ghilbeah. Agus bha cogadh eadar Abiah agus Ierobòam.

Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan