Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 11:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.

Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt-loisgte do Israel.

A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.

Agus dhaingnich iad rìoghachd Iùdah, agus rinn iad Rehobòam mac Sholaimh làidir rè trì bliadhna; oir rè trì bliadhna ghluais iad ann an slighe Dhaibhidh agus Sholaimh.

Agus rinn iad coicheangal gun iarradh iad an Tighearna, Dia an athraichean, len uile chridhe, agus len uile anam:

Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.

Agus chruinnich e Iùdah uile agus Beniàmin, agus na coigrich maille riu à Ephraim, agus à Manaseh, agus à Simeon: oir thàinig iad thairis da ionnsaigh à Israel ann am pailteas, nuair a chunnaic iad gu robh an Tighearna a Dhia maille ris.

Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.

Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile.

Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna.

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail;

Tha mo chridhe deas, a Dhè; seinnidh mi agus molaidh mi, eadhon lem ghlòir.

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair.

An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh.

Tha iad ag ithe suas peacadh mo shluaigh-sa, agus a’ socrachadh an cridhe air an euceart.

A‑nis, matà, mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.

Agus thèid luchd-àiteachaidh aon bhaile gu aon eile, ag ràdh, Rachamaid da‑rìribh a dhèanamh ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh: thèid mise mar an ceudna.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Agus thubhairt e riu, Socraichibh ur cridhe air na facail uile air a bheil mise a’ toirt fianais nur measg air an là‑an‑diugh, a dh’àithneas sibh dur cloinn a choimhead, a‑chum gun dèan iad uile bhriathran an lagha seo.

Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan