Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.
An dèidh an nì seo, cha do thill Ierobòam o a dhroch shlighe, ach rinn e a‑rìs den chuid a b’ìsle den t‑sluagh sagartan do na h‑àitean àrda: ge bè leis am b’àill, choisrig e e, agus bha e na aon de shagartan nan àitean àrda.
Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh:
Agus a‑nis tha sibh a’ smaoineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mic Dhaibhidh; agus tha sibh nur sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ierobòam dhuibh mar dhiathan.
Nach do thilg sibh a‑mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lèbhithich, agus nach do rinn sibh dhuibh fhèin sagartan mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig ga choisrigeadh fhèin le tarbh òg agus le seachd reitheachan, bidh esan air ball na shagart dhaibhsan nach eil nan diathan.
Agus a‑nis tha iad a’ ciontachadh nas mò agus nas mò, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte den airgead: iodhalan a rèir an seòltachd fhèin, an t‑iomlan dheth obair nam fear-ceàirde: tha iad ag ràdh dan taobh, Dèanadh a’ mhuinntir a tha ag ìobradh an laoigh a phògadh.
Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.
Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.
A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;
Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.