Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.
A bhàrr air seo, a mhic an duine, gabh thusa dhut fhèin aon mhaide, agus sgrìobh air, Airson Iùdah, agus airson chloinn Israeil, a chompanach: an sin gabh maide eile, agus sgrìobh air, Airson Iòseiph, maide Ephraim, agus uile thaigh Israeil, a chompanach: