Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.
Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.
Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.
Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).
Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.