Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Absalom ri Ahitophel, Thugaibh comhairle nur measg ciod a nì sinn.

Agus thubhairt e riu, An ceann trì làithean thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh.

Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.

Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach.

Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.

Gu deimhinn chuir sibh an gnìomh cealg an aghaidh ur n‑anama fhèin: oir chuir sibh mise a‑chum an Tighearna ur Dia, ag ràdh, Guidh air ar son-ne ris an Tighearna ar Dia, agus a rèir gach nì a their an Tighearna ar Dia, mar sin innis dhuinn, agus nì sinne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan