Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a’ chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.
Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.
Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann-fìona, agus fo a chrann-fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh.
Ach de chloinn Israeil, cha do rinn Solamh tràill sam bith: ach bha iad nam fir-chogaidh, agus nan seirbhisich aige, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan, agus nan riaghlairean a charbad, agus a mharc-shluaigh.
Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.
Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.
Oir ceanglaidh iad uallaichean troma agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran.