Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.
Agus bha an duine Ierobòam treun ann an neart: agus nuair a chunnaic Solamh gu robh an t‑òganach dèanadach, chuir e e os cionn uile luchd-giùlain uallach taigh Iòseiph.
Uime sin dh’iarr Solamh Ierobòam a mharbhadh. Ach dh’èirich Ierobòam, agus theich e don Eiphit, a dh’ionnsaigh Shisaic rìgh na h‑Eiphit, agus bha e anns an Eiphit gu bàs Sholaimh.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?