Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 10:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair an rìgh iad gu garbh; agus thrèig rìgh Rehobòam comhairle nan seann daoine,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Labhair an duine a tha na uachdaran air an tìr rinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd-brathaidh air an dùthaich.

Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.

Agus thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh a‑rìs am ionnsaigh air an treas là.

Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair.

Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.

Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan