Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.
Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo their thu riu, Is gairbhe mo lùdag-sa na leasraidh m’athar.
Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.
Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh?
Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine.