Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 10:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile do Shechem ga dhèanamh na rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Agus bha rìgh Solamh na rìgh air Israel uile.

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san,

Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait sin, a bha anns an Eiphit, far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh, thill Ierobòam as an Eiphit.

Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,

Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.

Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd-riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.

Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan