Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 1:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Cò a dh’àirmheas duslach Iàcoib, no àireamh na ceathramh cuid de Israel? Faigheam-sa bàs an ionracain, agus biodh mo chrìoch dheireannach cosmhail ra chrìch-san!

Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan