Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Solamh ri Dia, Nochd thu do Dhaibhidh m’athair coibhneas mòr, agus rinn thu mise ann am rìgh na àite.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha.

Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.

Oir is mòr do thròcair ormsa, agus shaor thu m’anam on t‑sloc as ìochdaraiche.

Càit a bheil do choibhneasan gràidh roimhe seo, a Thighearna, a mhionnaich thu do Dhaibhidh air d’fhìrinn?

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan