Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsaigh na h‑altair umha am fianais an Tighearna, a bha aig pàillean a’ choitheanail, agus dh’ìobair e oirre mìle ìobairt-loisgte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr-àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.

Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartas-sìthe, a dh’ìobair e don Tighearna, dà mhìle ar fhichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig an rìgh, agus clann Israeil uile, taigh an Tighearna.

Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan-dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile;

An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean-loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth-thaighe;

Agus cha leòr Lebanon gu a losgadh, agus cha leòr a bheathaichean airson ìobairt-loisgte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan