Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe.
Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.
Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:
Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.
Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.
An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion.
Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.