Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach.
Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàillean a’ choitheanail, agus an t‑uidheam naomh uile a bha anns a’ phàillean; eadhon iad sin thug na sagartan agus na Lèbhithich suas.
Agus rinn gach duine glic-chridheach nam measg-san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad: