Agus thàinig iad a‑nìos, agus thug iad a‑mach as an Eiphit carbad air sia ceud secel airgid, agus each air ceud agus lethcheud: agus mar sin do uile rìghrean nan Hiteach, agus do rìghrean Shiria, len làimh-san thugadh a‑mach iad.
Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.