Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte: sia ceud secel òir chuir e a‑chum gach sgèithe.

Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mìle-dheug marcaiche.

A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.

Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc-shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile.

Agus Bàalat, agus na h‑uile bhailtean-ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailtean nan carbad, agus bailtean a’ mharc-shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais.

Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche, a chuir e a‑mach ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan