Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.
Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach.