Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha gliocas agus eòlas air an tabhairt dhut, agus bheir mise dhut beartas, agus maoin, agus cliù, air chor is nach robh a leithid aig na rìghrean a bha romhad, agus ad dhèidh nach bi a lethid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’iarr an talamh uile teachd an làthair Sholaimh, a dh’èisdeachd ra ghliocas, a chuir Dia na chridhe.

Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.

Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.

Agus thug rìgh Solamh barrachd air uile rìghrean an domhain ann an saoibhreas agus gliocas.

Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.

Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi nas mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: os bàrr, dh’fhan mo ghliocas agam.

Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan