Thoir dhomh a‑nis gliocas agus eòlas, a‑chum gun tèid mi a‑mach agus gun tig mi a‑steach ron t‑sluagh seo: oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?
Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.
Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?
A‑mhàin gun tugadh an Tighearna dhut gliocas agus tuigse, agus gun tugadh e dhut àithne a‑thaobh Israeil, a‑chum gun glèidh thu lagh an Tighearna do Dhia.
A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?
Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.