Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.
An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh.
Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
A‑nis uime sin, a mhic, gu robh an Tighearna maille riut, a‑chum gun soirbhich thu, agus gun tog thu taigh an Tighearna do Dhia, mar a labhair e mud thimcheall.
Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.
Maille ra rìoghachadh gu lèir, agus a chumhachd, agus na h‑aimsirean a chaidh thairis air, agus thar Israel, agus thar uile rìoghachdan nan dùthchannan.
Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin.
Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.
Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.