Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith-buidheachais do Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Asariah an t‑àrd-shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile.

No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.

Airson gun do rinneadh saoibhir leis-san sibh anns gach uile nì, anns gach ùr‑labhradh, agus anns gach eòlas:

Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran.

Oir tha na h‑uile nithean air ur son-se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè.

Ach buidheachas do Dhia, a chuir an cùram dùrachdach sin fhèin dur taobh-se ann an cridhe Thìtuis.

(Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach-turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh-se.)

Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith-buidheachais do Dhia;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan