Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir a‑thaobh frithealaidh do na naoimh, is neo-fheumail dhòmhsa sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau, a mac a bu shine, agus chuir i teachdaire uaipe, agus ghairm i air Iàcob, a mac a b’òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau a’ toirt comhfhurtachd dha fhèin dod thaobh-sa, a’ cur roimhe do mharbhadh.

Ach ri rìgh Iùdah a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, A‑thaobh nam briathran a chuala tu,

An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.

Tha mo chridhe a’ deachdadh deagh nì; cuiridh mi an cèill na nithean a rinn mi don Rìgh; bidh mo theanga mar pheann fir-sgrìobhaidh dheis.

Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,

A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas.

A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean.

A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.

A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:

A‑mhàin b’àill leo gum bitheamaid cuimhneachail air na bochdan: nì mar an ceudna a bha ro‑thoil agam fhèin a dhèanamh.

Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh-san a tha de theaghlach a’ chreidimh.

Ach mu thimcheall nan aimsirean agus nan àm chan eil feum agaibhse, a bhràithrean, mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh.

Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.

Agus a‑thaobh a’ ghnothaich mun do labhair mise agus thusa, feuch, gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan