Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh-se.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.

Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.

Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.

A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.

Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne.

Ann am fìorghlaine, ann an eòlas, ann am fad-fhulangas, ann an coibhneas, anns an Spiorad Naomh, ann an gràdh gun cheilg,

Agus anns an nì seo tha mi a’ toirt mo chomhairle: oir tha seo tairbheach dhuibhse, a thòisich roimhe, chan ann a‑mhàin air dèanamh, ach air a bhith togarrach o chionn bliadhna.

Uime sin nochdaibh dhaibhsan, agus am fianais nan eaglaisean, dearbhadh ur gràidh-se, agus ar n‑uaill-ne dur taobh.

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd:

Gu robh gràs maille riùsan uile a tha a’ gràdhachadh ar Tighearna Iosa Crìosd ann an treibhdhireas. Amen.

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.

Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan