Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin mar a tha sibh pailt anns gach uile nì, ann an creideamh, ann an ùr‑labhradh, agus ann an eòlas, agus anns an uile dhìcheall, agus nur gràdh dhuinne, bithibh pailt anns a’ ghràs seo mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra.

Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.

Airson gun do rinneadh saoibhir leis-san sibh anns gach uile nì, anns gach ùr‑labhradh, agus anns gach eòlas:

Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid.

Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna;

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e.

Mar sin mar an ceudna sibhse do bhrìgh gu bheil dèidh agaibh air tìodhlacan spioradail, iarraibh sibh fhèin a thoirt barrachd a‑chum fòghlam na h‑eaglais.

Oir cò a tha a’ dèanamh eadar-dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e?

Agus chan ann le a theachd-san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian-thogradh, ur caoidh, ur teas-ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas.

Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.

Agus tre an ùrnaigh air ur son-se, aig a bheil mòr-dhèidh oirbh airson gràs Dhè a tha ro‑phailt annaibh.

Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn-leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.

Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh-fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd-èisdeachd.

Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.

Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh-se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse:

Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:

Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:

Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.

Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan