Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A’ guidhe oirnne gu dùrachdach, gun gabhamaid an tìodhlac, agus co‑roinn an fhrithealaidh do na naoimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.

Oir ge bè neach a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh, is e sin fhèin mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Oir tha na bochdan a‑ghnàth maille ribh, agus ge bè uair as àill leibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh: ach chan eil mise a‑ghnàth agaibh.

An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa.

Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.

A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas.

A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:

A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad-thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh),

Oir a‑thaobh frithealaidh do na naoimh, is neo-fheumail dhòmhsa sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh:

A‑mhàin b’àill leo gum bitheamaid cuimhneachail air na bochdan: nì mar an ceudna a bha ro‑thoil agam fhèin a dhèanamh.

Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh-san a tha de theaghlach a’ chreidimh.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan