Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha mi a’ toirt fianais gu robh iad uapa fhèin toileach a rèir an comais, seadh, thar an comas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.

Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.

Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois.

Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.

An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.

Oir mas ann gu toileach a tha mi a’ dèanamh seo, tha duais agam: ach mas ann an aghaidh mo thoile, tha ministrealachd air a h‑earbsa rium.

Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.

Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dha gu bheil aige mòr theas-ghràdh dhuibhse, agus dhaibhsan a tha ann an Laodicèa, agus don mhuinntir a tha ann an Hierapolis.

Mar sin, air a bhith dhuinne ro‑dhèidheil oirbhse, bu toileach leinn chan e a‑mhàin soisgeul Dhè a phàirteachadh ribh, ach mar an ceudna ar n‑anaman fhèin, do bhrìgh gu robh sibh ro‑ionmhainn leinn.

Ach as eugmhais d’inntinn-sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith-sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin.

Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan