No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.
No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?
Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.
(Air dhaibh a bhith, tre dhearbhadh an fhrithealaidh seo, a’ toirt glòire do Dhia airson ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson ur tabhartais fhialaidh dhaibhsan, agus do na h‑uile dhaoine:)
Ach a‑mhàin nuair nach bi uireasbhaidheach sam bith nur measg: oir beannaichidh an Tighearna gu mòr thu anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, ra shealbhachadh:
Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:
Oir rinneadh sibhse, a bhràithrean, nur luchd-leanmhainn air eaglaisean Dhè, ann an Iudèa, a tha ann an Iosa Crìosd: oir dh’fhuiling sibh na nithean ceudna o ur luchd-dùthcha fhèin, mar a dh’fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich:
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?
Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.