(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)
A‑chum na crìche seo chuir mi Timòteus dur n‑ionnsaigh, neach a tha na mhac gràdhach dhomh, agus dìleas anns an Tighearna, neach a chuireas an cuimhne dhuibh mo shlighean-sa a tha ann an Crìosd, a rèir mar a tha mi a’ teagasg anns gach àit anns gach eaglais.
Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile.
Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman?
(Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach-turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh-se.)