Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir gu deimhinn ghabh e ris an impidh; ach air dha a bhith na bu togarraiche, chaidh e de a thoil fhèin dur n‑ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.

Agus guidheam oirbh, a bhràithrean, sibh a ghiùlan facal na h‑earalach; oir sgrìobh mi gu h‑aithghearr dur n‑ionnsaigh.

Agus anns an nì seo tha mi a’ toirt mo chomhairle: oir tha seo tairbheach dhuibhse, a thòisich roimhe, chan ann a‑mhàin air dèanamh, ach air a bhith togarrach o chionn bliadhna.

Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh-se.

Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan