Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh.
Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo;
Ach a‑thaobh co‑cheartais, a‑chum anns an àm seo a‑nis gum bi ur pailteas-se na choileasachadh air an uireasbhaidh-san, agus mar an ceudna a‑chum gum bi am pailteas-san na choileasachadh air ur n‑uireasbhaidh-se, air chor is gum bi co‑cheartas eadaraibh;