A‑nis air an adhbhar sin coileanaibh an gnìomh; ionnas mar a bha sibh ullamh a‑chum na toile, mar sin gum bi sibh ullamh a‑chum coileanaidh as na bheil agaibh.
(Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach-turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh-se.)
Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.