Agus anns an nì seo tha mi a’ toirt mo chomhairle: oir tha seo tairbheach dhuibhse, a thòisich roimhe, chan ann a‑mhàin air dèanamh, ach air a bhith togarrach o chionn bliadhna.
Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.
Cha mhò a tha sibh a’ toirt fa‑near gur iomchaidh dhuinne gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an cinneach uile air a sgrios.
Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh.
Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh: tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach cha toir na h‑uile nithean fòghlam.
Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith.
Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.
Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.