Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, a bhràithrean, tha sinn a’ toirt fios dhuibh air gràs Dhè, a thugadh do eaglaisean Mhacedònia:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.

A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas.

Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.

Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium.

Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.

Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith-buidheachais do Dhia;

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

Air eagal ma thig na Macedònaich maille rium, agus gum faigh iad sibhse neo-ullamh, gum bi nàire oirnne (gun a ràdh oirbhse), à dànadas na h‑uaille seo.

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.

Agus gu deimhinn tha sibh a’ dèanamh seo a‑thaobh nam bràthair uile, a tha ann am Macedònia gu h‑iomlan: ach guidheamaid oirbh, a bhràithrean, sibh a mheudachadh nas mò agus nas mò;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan