Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.
Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.
Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.
Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.
Air an adhbhar seo, nuair nach robh mise comasach air cumail orm fhèin na b’fhaide, chuir mi a dh’fhaghail fios mur creideamh, air eagal air chor sam bith gun do bhuair am buaireadair sibh, agus gum biodh ar saothair-ne dìomhain.