Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan-ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh.
Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.
Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.
Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon-san a rinn an eucoir, no air a shon-san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram-ne mur timcheall-se ann am fianais Dhè.
Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.
Mar sin, air a bhith dhuinne ro‑dhèidheil oirbhse, bu toileach leinn chan e a‑mhàin soisgeul Dhè a phàirteachadh ribh, ach mar an ceudna ar n‑anaman fhèin, do bhrìgh gu robh sibh ro‑ionmhainn leinn.