Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris-san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus air an son-san tha mise gam naomhachadh fhèin, a‑chum gum bi iadsan mar an ceudna air an naomhachadh tron fhìrinn.

Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:

Oir ged b’àill leam uaill a dhèanamh, cha bhi mi am amadan; oir labhraidh mi an fhìrinn: gidheadh tha mi a’ cumail orm fhèin, air eagal gum bi meas aig duine orm thar mar tha e gam fhaicinn, no a’ cluinntinn umam.

Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia.

Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd-se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile.

Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh-se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.

Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis:

Uime sin nochdaibh dhaibhsan, agus am fianais nan eaglaisean, dearbhadh ur gràidh-se, agus ar n‑uaill-ne dur taobh.

A‑chum gum bi ur gàirdeachas nas pailte ann an Iosa Crìosd dom thaobh-sa, airson mi a bhith a‑rìs an làthair maille ribh.

Ionnas gu bheil sinne fhèin a’ dèanamh uaille asaibh ann an eaglaisean Dhè, airson ur foighidinn agus ur creidimh nur n‑uile gheur leanmhainnean agus àmhgharan a tha sibh a’ fulang:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan