Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon-san a rinn an eucoir, no air a shon-san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram-ne mur timcheall-se ann am fianais Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Carson? An ann a chionn nach eil gràdh agam dhuibh? Tha fhios aig Dia.

A bhàrr air na nithean a tha an leth a‑muigh, an nì a tha a’ teachd orm gu làitheil, ro‑chùram nan eaglaisean uile.

Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean.

Oir ged a chuir mi doilgheas oirbh leis an litir, chan eil aithreachas orm, ged a bha aithreachas orm: oir tha mi a’ faicinn gun do chuir an litir sin doilgheas oirbh, ged nach do rinn i seo ach rè tamaill.

(Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan