Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 7:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

54 Iomraidhean Croise  

Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.

Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

Agus chan ann le a theachd-san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian-thogradh, ur caoidh, ur teas-ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas.

Ach tha Dia a’ toirt breith orra-san a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin.

Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.

Agus tèarnaibh dream eile le eagal, gan spìonadh as an teine; a’ fuathachadh eadhon an aodaich air a bheil smal na feòla.

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;

Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon-bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal:

Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air.

Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.

Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:

A‑nis tha mi a’ guidhe air Dia gun sibhse a dhèanamh uilc air bith; chan ann a‑chum gum faicear sinne a bhith dearbhte, ach a‑chum gun dèanadh sibhse an nì sin a tha math, ged robh sinne mar dhaoine a chuireadh air cùl.

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Ach anns gach nì gar dearbhadh fhèin mar mhinistearan Dhè, ann am mòr-fhoighidinn, ann an àmhgharan, ann an uireasbhaidh, ann an teanntachdan,

Is leòr da leithid sin de dhuine am peanas seo, a leagadh air le mòran.

A‑chum nach biodh eas-aonachd air bith anns a’ chorp; ach gum biodh an t‑aon chùram aig an buill da chèile.

Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo.

Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal.

A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal-adhraidh.

Agus chuimhnich a dheisciobail gu robh e sgrìobhte, Dh’ith eud do thaighe suas mi.

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh.

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.

Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.

Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.

Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.

Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne.

Chlaoidh m’eud mi, a chionn gun do dhìochuimhnich mo naimhdean do bhriathran.

Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa.

Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè.

A Thighearna, tha mo mhiann uile ad làthair, agus chan eil m’osnaich falaichte ort.

Ach am thaobh-sa, nuair a bha iadsan gu tinn, b’e aodach-saic mo chulaidh; dh’ioraslaich mi m’anam le trasgadh, agus thill m’ùrnaigh am uchd fhèin.

Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic-san, agus nach gabhadh iad an nigheanan-san dam mic no dhaibh fhèin.

A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh-ne.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?

Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.

Iadsan a tha a’ peacachadh, cronaich an làthair nan uile, a‑chum gun gabh càch eagal mar an ceudna.

Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan